Taing don chomataidh ionadail, saor-thagraichean, làthairean nam farpaisean – agus, gu dearbh, na farpaisich, oidean, pàrantan, teaghlaichean agus luchd-cùraim airson an dìlseachd is taic fad na bliadhna. Abair gun tàinig gach rud còmhla, a’ dèanamh cinnteach gun robh deireadh-seachdain air leth againn.
Taing do bhaile an Òbain fhèin – chan eil àite coltas ris leis a’ ghrian a’ deàrrsadh fad an deireadh-sheachdain, tràth san Ògmhios. Tha sinn an dòchas gum bidh an t-sìde mar sin nuair a thilleas am Mòd Nàiseanta Rìoghail don Òban an ath bhliadhna.